Gaélico
por Lucy Macrae
CREUD NAN DAOINE
Tha mi a’ creidsinn ann am Beatha,
Am Màthair uile-chumhachdach,
Cruithear nan speur agus an Talaimh.
Tha mi a’ creidsinn ann an Mac an Duine, a Mac connail,
A chaidh a thorraich ann an rothlas dian,
Thèid e air adhart a dh’aindeoin gach Pontius Pilate
Agus ailtirean na dearbh-bhriathran ainneartach
A chuireas Beatha fo chìs agus fo ’n talamh.
Ach èiridh Beatha daonnan
Mar a leanas duine air turas gu lath’ ùr.
Tha mi a’ creidsinn ann an fàirean na spioraid:
Neart speurach an t-saoghail.
Tha mi a’ creidsinn ann an Cinneadh nan Daoine a dh’ atharraicheas gu brath.
Tha mi a’ creidsinn ann am Beatha mhaireannach. Amen.